Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 3:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ma bhios taigh air a roinn na aghaidh fhèin, chan urrainn an taigh sin seasamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chunnaic a bhràithrean gum bu docha le a athair e na a bhràithrean uile, dh’fhuathaich iad e, agus cha b’urrainn iad labhairt ris gu sìochail.

Feuch, cia math agus cia taitneach an nì do bhràithrean còmhnaidh a ghabhail cuideachd ann an aonachd!

Agus ma bhios rìoghachd roinnte na h‑aghaidh fhèin, chan urrainn an rìoghachd sin seasamh.

Agus ma dh’èireas Sàtan na aghaidh fhèin agus gum bi e roinnte, chan urrainn e seasamh, ach tha crìoch air.

Ach ma bhios sibh a’ teumadh agus ag ithe a chèile, thugaibh aire nach claoidhear le a chèile sibh.

Oir far a bheil farmad agus còmhstri, an sin tha buaireas, agus gach uile dhroch ghnìomh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan