Agus thachair gu robh duine an sin le Belial dom b’ainm Sèba, mac Bhichri, Beniàmineach; agus shèid e trompaid, agus thubhairt e, Chan eil againne cuibhreann sam bith ann an Daibhidh, agus chan eil oighreachd sam bith againn ann am mac Iese: gach fear a dh’ionnsaigh a bhùthan, O Israeil.
Agus thubhairt Daibhidh ri Abisai, A‑nis nì Sèba mac Bhichri tuilleadh croin dhuinn na rinn Absalom: gabh thusa seirbhisich do thighearna, agus falbh air a thòir, air eagal gum faigh e dha fhèin bailtean daingnichte, agus gun tèid e as uainn.
Agus nì mi aon chinneach dhiubh anns an fhearann, air slèibhtean Israeil, agus bidh aon rìgh na rìgh dhaibh uile: agus cha bhi iad nas mò nan dà chinneach, cha mhò a bhios iad air an roinn nan dà rìoghachd tuilleadh air aon chor.
Agus thuig Iosa an smuaintean, agus thubhairt e riu, Gach rìoghachd a tha roinnte na h‑aghaidh fhèin, nìthear na fàsach i; agus gach uile bhaile no taigh a tha roinnte na aghaidh fhèin, cha seas e.
A‑chum gum bi iad uile nan aon; a‑chum mar a tha thusa, Athair, annamsa, agus mise annadsa, gum bi iadsan mar an ceudna nan aon annainne; a‑chum gun creid an saoghal gun do chuir thusa uat mi.