Agus thubhairt na sgrìobhaichean a thàinig a‑nuas o Ierusalem, Tha Beelsebub aige, agus is ann tro phrionnsa nan deamhan a tha e a’ tilgeadh a‑mach dheamhan.
Agus thuit Ahasiah sìos tro chliath-uinneig na sheòmar uachdarach a bha ann an Samaria, agus bha e tinn; agus chuir e teachdairean uaithe, agus thubhairt e riu, Rachaibh, fiosraichibh de Bhàal-sebub, dia Ecroin, an tig mi on tinneas seo.
Is leòr don deisciobal a bhith mar a mhaighistir, agus don t‑seirbhiseach a bhith mar a thighearna: ma ghoir iad Beelsebub de fhear an taighe, nach mò na sin a ghoireas iad e de a mhuinntir?
Agus thàrladh air là àraidh, nuair a bha e a’ teagasg, gu robh nan suidhe an sin Pharasaich agus luchd-teagaisg an lagha, a thàinig as gach uile bhaile de Ghalile, agus de Iudèa, agus o Ierusalem: agus bha cumhachd an Tighearna an làthair a‑chum an slànachadh.
An sin thubhairt na h‑Iùdhaich ris, A‑nis tha fhios againn gu bheil deamhan agad. Fhuair Abrahàm bàs, agus na fàidhean; gidheadh tha thusa ag ràdh, Ma choimheadas duine m’fhacal-sa, cha bhlais e bàs am feasd.