Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 3:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn iad faire air, a dh’fheuchainn an lèighseadh e e air là na sàbaid, a‑chum gum biodh cùis-dhìtidh aca na aghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Bidh an droch dhuine ri faire air an fhìrean, agus iarraidh e a mharbhadh.

Oir chuala mi tuairisgeul mhòrain, Uamhas air gach taobh aithrisibh-se, agus aithrisidh sinne e: tha iadsan uile ris an robh mi ann an sìth furachair airson mo thuislidh, ag ràdh, Theagamh gum meallar e, agus gum faigh sinn buaidh air, agus gun gabh sinn dìoghaltas dheth.

An sin dh’iarr na h‑uachdarain agus na prionnsachan cùis fhaotainn an aghaidh Dhanieil a‑thaobh na rìoghachd, ach cha b’urrainn iad cùis air bith fhaotainn, no coire: do bhrìgh gu robh e dìleas, cha mhò a fhuaireadh mearachd no coire sam bith ann.

Agus, feuch, bha duine ann aig an robh làmh sheargte: agus (a‑chum gum biodh cùis-dhìtidh aca na aghaidh,) dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, A bheil e ceadaichte leigheas a dhèanamh air làithean na sàbaid?

Agus thubhairt e ris an duine aig an robh an làmh sheargte, Eirich anns a’ mheadhon.

Agus thàrladh, an tràth a chaidh e gu taigh uachdarain àraidh de na Pharasaich a dh’ithe bìdh air là na sàbaid, gu robh iad a’ dèanamh geur-fhaire air.

Agus rinn iad geur-fhaire air, agus chuir iad a‑mach luchd-foille, a leigeadh orra fhèin a bhith nam fìreanan, a‑chum gun dèanadh iad greim air a fhacail, air chor is gun tugadh iad thairis e do chumhachd agus do ùghdarras an uachdarain.

Agus rinn na sgrìobhaichean agus na Pharasaich faire, a dh’fheuchainn an lèighseadh e air an t‑sàbaid; a‑chum gum faigheadh iad cùis-dhìtidh na aghaidh.

Thubhairt iad seo ga dhearbhadh, a‑chum gum biodh aca cùis-chasaid na aghaidh. Ach chrom Iosa sìos, agus sgrìobh e le a mheur air an làr (mar nach biodh e gan cluinntinn).

Uime sin thubhairt cuid de na Pharasaich, Chan eil an duine seo o Dhia, do bhrìgh nach eil e a’ gleidheadh na sàbaid. Thubhairt cuid eile, Cionnas a dh’fhaodas duine a tha na pheacach a leithid seo de mhìorbhailean a dhèanamh? Agus bha eas-aonachd nam measg.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan