Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 3:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air Sìmon thug e Peadar mar cho-ainm;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus air dha a bhith ag imeachd ri taobh fairge Ghalile, chunnaic e Sìmon, agus Anndras a bhràthair, a’ tilgeadh lìn anns an fhairge; oir b’iasgairean iad.

Agus gum biodh aca cumhachd a leigheas easlainte, agus a thilgeadh a‑mach dheamhan.

Agus Seumas mac Shebede, agus Eòin bràthair Sheumais (agus orra-san thug e Boanerges mar cho-ainm, is e sin ri ràdh, Clann na tàirneanaich),

Agus air teachd don là, ghairm e da ionnsaigh a dheisciobail; agus thagh e dà‑fhear-dheug asda, den do ghairm e Abstoil:

Agus thug e a‑chum Iosa e; agus nuair a dh’amhairc Iosa air, thubhairt e, Is tusa Sìmon mac Iòna: gairmear Cèphas dhìot, is e sin air eadar-theangachadh, Peadar.

Agus nuair a thàinig iad a‑steach, chaidh iad suas do sheòmar uachdarach, far an robh a’ fantainn Peadar, agus Seumas, agus Eòin, agus Anndras, Philip, agus Tòmas, Bartolomèus, agus Mata, Seumas mac Alphèuis, agus Sìmon Selotes, agus Iùdas bràthair Sheumais.

A‑nis tha mi ag ràdh seo, gun abair gach aon agaibh, Is le Pòl mise; agus is le Apollos mise; agus is le Cèphas mise; agus is le Crìosd mise.

Mas e Pòl, no Apollos, no Cèphas, no an saoghal, no beatha, no bàs, no nithean a tha làthair, no nithean a tha ri teachd; is leibhse iad uile;

Nach eil againne comas piuthar, bean-phòsda, a thoirt leinn mun cuairt, amhail mar na h‑abstoil eile, agus bràithrean an Tighearna, agus Cèphas?

Sìmon Peadar, seirbhiseach agus abstol Iosa Crìosd, dhaibhsan a fhuair an creideamh luachmhor ceudna rinne, tre fhìreantachd ar Dè agus ar Slànaighir, Iosa Crìosd:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan