Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 3:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’òrdaich e dà‑fhear-dheug, a‑chum gum biodh iad maille ris, agus gun cuireadh e a‑mach iad a shearmonachadh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh e suas gu beinn, agus ghairm e iadsan a b’àill leis: agus thàinig iad da ionnsaigh.

Agus gum biodh aca cumhachd a leigheas easlainte, agus a thilgeadh a‑mach dheamhan.

Agus chruinnicheadh na h‑abstoil a‑chum Iosa, agus dh’innis iad dha na h‑uile nithean, araon gach nì a rinn iad, agus gach nì a theagaisg iad.

Agus aithreachas agus maitheanas peacaidh a bhith air an searmonachadh na ainm-san, do na h‑uile chinnich, a’ tòiseachadh aig Ierusalem.

Cha sibhse a thagh mise, ach is mise a thagh sibhse, agus dh’òrdaich mi sibh, a‑chum gun rachadh sibh agus gun tugadh sibh a‑mach toradh, agus gum maireadh ur toradh: a‑chum ge bè nì a dh’iarras sibh air an Athair ann am ainm-sa, gun toir e dhuibh e.

Ach gheibh sibh cumhachd nuair a thig an Spiorad Naomh oirbh: agus bidh sibh nur fianaisean dhòmhsa, araon ann an Ierusalem, agus ann an Iudèa uile, agus ann an Samaria, agus gu iomall na talmhainn.

Pòl abstol (chan ann o dhaoine, no tre dhuine, ach tre Iosa Crìosd, agus tre Dhia an t‑Athair, a thog suas e o na mairbh),




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan