Agus thubhairt e ris, Mas tu Mac Dhè, tilg thu fhèin sìos: oir tha e sgrìobhte gun toir e àithne da ainglean mud thimcheall, agus togaidh iad suas thu nan làmhan, a‑chum nach buail thu, uair air bith, do chas air cloich.
Agus chaidh mar an ceudna deamhain a‑mach à mòran, a’ glaodhaich agus ag ràdh, Is tu Crìosd Mac Dhè. Agus chronaich e iad, agus cha d’fhuiling e dhaibh labhairt: oir bha fhios aca gum b’esan Crìosd.
Nuair a chunnaic e Iosa, ghlaodh e a‑mach, agus thuit e sìos na làthair, agus thubhairt e le guth àrd, Ciod e mo ghnothach-sa riut, Iosa, a Mhic an Dè as ro‑àirde? Guidheam ort, na pian mi.
Agus ma bhios acras air aon neach, itheadh e aig an taigh; a‑chum nach tig sibh an ceann a chèile gu breitheanas. Agus cuiridh mise gach nì eile ann an òrdagh nuair a thig mi.