Nuair a bha an fheòil fhathast eadar am fiaclan, mun do chagnadh i, las fearg an Tighearna an aghaidh an t‑sluaigh, agus bhuail an Tighearna an sluagh le plàigh ro‑mhòir.
Agus dh’imich Iosa timcheall Ghalile uile, a’ teagasg nan sionagogan, agus a’ searmonachadh soisgeul na rìoghachd, agus a’ slànachadh gach gnè thinnis, agus gach gnè eucail am measg an t‑sluaigh.
Agus ge bè air bith bailtean, no cathraichean, no dùthaich don deachaidh e a‑steach, chuir iad na daoine tinn air na sràidean, agus ghuidh iad air gum faodadh iad beantainn a‑mhàin ri iomall a aodaich: agus a mheud is a bhean ris, lèighseadh iad.
Agus chaidh e a‑steach do aon de na bàtaichean a bu le Sìmon, agus dh’iarr e air dol a‑mach beagan o thìr: agus air suidhe dha, theagaisg e an sluagh as a’ bhàta.
Air chor is gun tug iad a‑mach a’ mhuinntir easlan air na sràidean, agus gun do chuir iad air leapaichean agus air uirighean iad, a‑chum aig teachd do Pheadar gun cuireadh a fhaileas, mar a bu lugha, sgàil air neach-eigin aca.