Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 2:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air ball, air aithneachadh do Iosa na spiorad fhèin gu robh iadsan a’ reusonachadh mar sin annta fhèin, thubhairt e riu, Carson a tha sibh a’ reusonachadh nan nithean sin nur cridheachan?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Tha fhios agam mar an ceudna, mo Dhia, gun dearbh thusa an cridhe, agus gu bheil tlachd agad ann an treibhdhireas. Dom thaobh-sa, ann an treibhdhireas mo chridhe thug mi gu toileach uam mar thabhartas na nithean seo uile: agus a‑nis chunnaic mi le aoibhneas do shuagh, a tha an seo an làthair, a’ toirt seachad gu toileach an tabhartais dhutsa.

Is aithne dhut mo shuidhe agus m’èirigh; tuigidh tu mo smuaintean fad as.

Is gràinealachd don Tighearna smuaintean dhroch dhaoine; ach is briathran taitneach briathran nam fìorghlan.

Is peacadh smuaintean na h‑amaideachd; agus is e fear na fochaid gràin dhaoine.

Trèigeadh an t‑aingidh a shlighe, agus an duine eucorach a smuaintean, agus tilleadh e ris an Tighearna, agus nochdaidh e tròcair dha; agus ri ar Dia-ne, oir bheir e maitheanas gu pailt.

Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Tàrlaidh anns an là sin gun tig nithean ann ad aire, agus gun smaoinich thu droch smuaintean.

Ach nuair a thuig Iosa seo, dh’imich e as a sin: agus lean slòigh mhòra e, agus leighis e iad uile.

Agus bha iad a’ reusonachadh eatorra fhèin ag ràdh, Is ann airson nach tug sinn aran leinn.

Agus air do Iosa an smuaintean fhaicinn, thubhairt e, Carson a tha sibh a’ smaoineachadh uilc nur cridheachan?

Carson a tha am fear seo a’ labhairt toibheim mar seo? Cò a dh’fhaodas peacaidhean a mhaitheadh ach Dia a‑mhàin?

Cia aca as fhasa a ràdh ris an neach air a bheil a’ phairilis, Tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut, no a ràdh, Eirich, agus tog do leabaidh, agus imich?

Oir is ann on taobh a‑staigh, à cridhe dhaoine, a thig a‑mach droch smuaintean, adhaltranas, strìopachas, mortadh,

Agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh fo bhuaireas, agus carson a tha smuaintean ag èirigh suas nur cridheachan?

Ach air aithneachadh an smuaintean do Iosa, fhreagair e agus thubhairt e riu, Ciod a tha sibh a’ reusonachadh nur cridheachan?

Ach thuig esan an smuaintean, agus thubhairt e ris an duine aig an robh an làmh sheargte, Eirich, agus seas a‑mach anns a’ mheadhon. Agus dh’èirich esan, agus sheas e.

Thubhairt e ris an treas uair, A Shìmoin mhic Iònais, an toigh leat mise? Bha Peadar duilich a chionn gun dubhairt e ris an treas uair, An toigh leat mise? Agus thubhairt e ris, A Thighearna, is aithne dhut na h‑uile nithean: tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt Iosa ris, Beathaich mo chaoraich.

Ach tha cuid dhibhse nach eil a’ creidsinn. (Oir b’aithne do Iosa o thùs cò iad nach robh a’ creidsinn, agus cò an tì a bhrathadh e.)

Ach thubhairt Peadar, Ananiais, carson a lìon Sàtan do chridhe a dhèanamh brèige don Spiorad Naomh, agus a cheiltinn cuid de luach an fhearainn?

Gabh aithreachas uime sin ded olc seo, agus guidh air Dia, ma dh’fhaodar gum maithear dhut smuain do chridhe.

Agus chan eil creutair sam bith nach eil follaiseach na làthair-san: ach tha na h‑uile nithean lomnochd, agus fosgailte do shùilean an Tì dom feum sinn cunntas a thabhairt.

Agus marbhaidh mi a clann leis a’ bhàs; agus bidh fhios aig na h‑eaglaisean uile gur mise an Tì sin a sgrùdas na h‑àirnean agus na cridheachan: agus bheir mi do gach aon agaibhse a rèir ur n‑obraichean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan