Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 2:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Carson a tha am fear seo a’ labhairt toibheim mar seo? Cò a dh’fhaodas peacaidhean a mhaitheadh ach Dia a‑mhàin?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Cò a bheir glan à neòghlan? Cha tabhair a h‑aon.

Ach maille riutsa tha maitheanas, agus uime sin bidh eagal air daoine romhad.

Is mise, mise fhèin, esan a dhubhas d’euceartan as, air mo sgàth fhèin; agus do lochdan cha chùm mi air chuimhne.

Don Tighearna ar Dia buinidh tròcairean agus maitheanais, ged a rinn sinne ar‑a‑mach na aghaidh.

Cò as Dia ann cosmhail riutsa, a mhaitheas aingidheachd, agus a ghabhas seachad air easaontas iarmad a oighreachd? Cha ghlèidh e a chorraich gu sìorraidh, a chionn gur toigh leis tròcair.

An sin reub an t‑àrd-shagart a aodach, ag ràdh, Gun do labhair e toibheum; ciod am feum tuilleadh a tha againn air fianaisean? Feuch, a‑nis chuala sibh a thoibheum.

Agus, feuch, thubhairt dream àraidh de na sgrìobhaichean annta fhèin, Tha am fear seo a’ labhairt toibheim.

Chuala sibh an toibheum: ciod i ur barail-se? Agus thug iad uile breith na aghaidh gun do thoill e am bàs.

Ach bha dream àraidh de na sgrìobhaichean nan suidhe an sin, agus iad a’ reusonachadh nan cridheachan fhèin,

Agus air ball, air aithneachadh do Iosa na spiorad fhèin gu robh iadsan a’ reusonachadh mar sin annta fhèin, thubhairt e riu, Carson a tha sibh a’ reusonachadh nan nithean sin nur cridheachan?

Agus thòisich na sgrìobhaichean agus na Pharasaich air reusonachadh, ag ràdh, Cò e seo a tha a’ labhairt toibheim? Cò a dh’fhaodas peacaidhean a mhaitheadh ach Dia a‑mhàin?

Agus thòisich iadsan a bha nan suidhe aig biadh maille ris air a ràdh annta fhèin, Cò e seo a tha eadhon a’ maitheadh pheacaidhean?

Fhreagair na h‑Iùdhaich e, ag ràdh, Airson obraichean matha chan eil sinn gad chlachadh; ach airson toibheim, agus airson, air a bhith dhutsa ad dhuine, gu bheil thu a’ dèanamh Dè dhìot fhèin.

An abair sibh ris-san, a naomhaich an t‑Athair, agus a chuir e a‑chum an t‑saoghail, Tha thu a’ labhairt toibheim; airson gun dubhairt mi, Is mi Mac Dhè?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan