Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 2:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e riu, Dh’òrdaicheadh an t‑sàbaid airson an duine, chan e an duine airson na sàbaid:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Sia làithean nì thu d’obair, agus air an t‑seachdamh là gabhaidh tu fois; a‑chum gum faigh do dhamh agus d’asal fois, agus gum faigh mac do bhanoglaich agus an coigreach an anail.

Ma thilleas tu air falbh do chas on t‑sàbaid, o do thoil fhèin a dhèanamh air mo là naomh-sa; agus gun abair thu ris an t‑sàbaid, Toil-inntinn; ri là naomh an Tighearna, Urramach; agus gun tabhair thu onoir dhi, gun a bhith a’ leantainn do shlighean fhèin, no a’ gabhail do shòlais fhèin, no a’ labhairt do bhriathran fhèin;

A thuilleadh air seo fòs, thug mi dhaibh mo shàbaidean, gu bhith nan comharradh eadar mise agus iadsan, a‑chum gun aithnicheadh iad gur mi an Tighearna a tha gan naomhachadh.

Agus naomhaichibh mo shàbaidean; agus bidh iad nan comharradh eadar mise agus sibhse, a‑chum gum bi fhios agaibh gur mise an Tighearna ur Dia.

Air an adhbhar sin, is Tighearna Mac an Duine air an t‑sàbaid fhèin.

An sin thubhairt Iosa riu, Feòraichidh mise aon nì dhibh: A bheil e ceadaichte air làithean na sàbaid math a dhèanamh, no olc, anam a shaoradh, no a sgrios?

Ma tha duine air an t‑sàbaid a’ gabhail timcheall-ghearraidh, a‑chum nach bi lagh Mhaois air a briseadh, a bheil fearg agaibh riumsa, a chionn gun do rinn mi duine gu h‑iomlan slàn air an t‑sàbaid?

Oir tha na h‑uile nithean air ur son-se, a‑chum gum biodh an gràs a tha saoibhir, tre bhuidheachas mhòran, ro‑phailt a‑chum glòir Dhè.

Thoir an aire là na sàbaid a naomhachadh, mar a dh’àithn an Tighearna do Dhia dhut.

Ach air an t‑seachdamh là tha sàbaid an Tighearna do Dhia: air an là seo cha dèan thu obair sam bith, thu fhèin, no do mhac, no do nighean, no d’òglach, no do bhanoglach, no do dhamh, no d’asal, no aon air bith ded sprèidh, no do choigreach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan; a‑chum is gun gabh d’òglach agus do bhanoglach fois cho math riut fhèin.

Uime sin na tugadh aon neach breith oirbh airson bìdh, no dibhe, no a‑thaobh là fèille, no gealaich nuaidh, no shàbaidean:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan