Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 2:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cionnas a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè ann an làithean Abiatair an t‑àrd-shagart, agus a dh’ith e aran na fianais, nach eil ceadaichte do neach air bith ithe, ach do na sagartan, agus a thug e, mar an ceudna, don dream a bha maille ris?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus, feuch, bha Sadoc mar an ceudna, agus na Lèbhithich uile maille ris, a’ giùlan àirc coicheangal Dhè, agus shuidhich iad àirc Dhè: agus chaidh Abiatar suas, gus an do sguir an sluagh uile de dhol a‑mach as a’ bhaile.

Uime sin thug Sadoc agus Abiatar àirc Dhè a‑rìs gu Ierusalem; agus dh’fhan iad an sin.

Agus nach eil maille riut an sin Sadoc agus Abiatar na sagartan? Agus gach facal a chluinneas tu à taigh an rìgh, innsidh tu e do Shadoc agus do Abiatar na sagartan.

Agus bha Sebha na sgrìobhaiche: agus b’iad Sadoc agus Abiatar na sagartan:

Agus bha Sadoc mac Ahituib, agus Ahimelech mac Abiatair nan sagartan, agus Seraiah na sgrìobhaiche;

Agus bha coluadar aige ri Ioab mac Sheruiah, agus ri Abiatar an sagart: agus a’ leantainn Adoniah, rinn iad còmhnadh ris.

Agus fhreagair rìgh Solamh, agus thubhairt e ra mhàthair, Agus carson a dh’iarras tu Abisag a’ bhan-Sunamach do Adoniah? Iarr dha an rìoghachd mar an ceudna; (oir is e mo bhràthair as sine e;) eadhon dhàsan, agus do Abiatar an sagart, agus do Ioab mac Sheruiah.

Agus Benaiah mac Iehoiada air ceann an t‑slòigh: agus Sadoc agus Abiatar, na sagartan:

Agus sgrìobh Semaiah mac Netaneeil an sgrìobhaiche, duine de na Lèbhithich, iad, am fianais an rìgh, agus nan uachdaran, agus Shadoic an sagart, agus Ahimeleich mhic Abiatair, agus cinn athraichean nan sagart agus nan Lèbhitheach; aon phrìomh-thaigh air a ghabhail airson Eleàsair, agus aon air a ghabhail airson Itamair.

Cionnas a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè, agus a dh’ith e aran na fianais, nach robh ceadaichte dha fhèin ithe, no dhaibhsan a bha maille ris, ach do na sagartan a‑mhàin?

Agus thubhairt esan riu, Nach do leugh sibhse riamh ciod a rinn Daibhidh nuair a bha uireasbhaidh air, agus acras air fhèin agus orrasan a bha maille ris?

An sin thàinig Daibhidh gu Nob, a dh’ionnsaigh Ahimeleich an sagart: agus bha eagal air Ahimeleich a’ coinneachadh Dhaibhidh, agus thubhairt e ris, Carson a tha thu ad aonar, agus nach eil duine sam bith maille riut?

(A‑nis nuair a theich Abiatar mac Ahimeleich a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Ceilah, chaidh e sìos le èphod na làimh.)

Agus bha fhios aig Daibhidh gu robh Saul gu diamhair a’ dealbhadh uilc na aghaidh; agus thubhairt e ri Abiatar an sagart, Thoir an seo an èphod.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan