Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 2:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt esan riu, Nach do leugh sibhse riamh ciod a rinn Daibhidh nuair a bha uireasbhaidh air, agus acras air fhèin agus orrasan a bha maille ris?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, Nach do leugh sibh, An tì a rinn air tùs iad, gun do rinn e iad fear agus bean?

Agus thubhairt iad ris, An cluinn thu ciod a tha a’ mhuinntir sin ag ràdh? Agus thubhairt Iosa riu, Tha mi a’ cluinntinn; nach do leugh sibhse riamh, A beul naoidhean agus chìochran choilean thu moladh?

Thubhairt Iosa riu, Nach do leugh sibh riamh anns na sgriobtairean, A’ chlach a dhiùlt na clachairean, rinneadh i na cloich-chinn na h‑oisne: is e an Tighearna a rinn seo, agus tha e iongantach nar sùilean-ne?

Ach mu thimcheall aiseirigh nam marbh, nach do leugh sibh an nì sin a labhradh ribh le Dia, ag ràdh,

Agus nuair a thraisg e dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche, an dèidh sin bha acras air.

A‑nis bha seachdnar bhràithrean ann: agus ghabh an ciad fhear dhiubh bean, agus nuair a dh’eug e, cha d’fhàg e sliochd.

Ach mu thimcheall nam marbh, gun èirich iad, nach do leugh sibh ann an leabhar Mhaois, cionnas a labhair Dia ris anns a’ phreas, ag ràdh, Is mise Dia Abrahàim, agus Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib?

Agus thubhairt na Pharasaich ris, Feuch, carson a tha iad a’ dèanamh an nì nach eil ceadaichte air là na sàbaid?

Cionnas a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè ann an làithean Abiatair an t‑àrd-shagart, agus a dh’ith e aran na fianais, nach eil ceadaichte do neach air bith ithe, ach do na sagartan, agus a thug e, mar an ceudna, don dream a bha maille ris?

Agus thubhairt e ris, Ciod a tha sgrìobhte anns an lagh? Cionnas a leughas tu?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan