Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 2:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cha chuir duine air bith fìon nuadh ann an seann searragan; no brisidh am fìon nuadh na searragan, agus dòirtear am fìon, agus caillear na searragan: ach is còir fìon nuadh a chur ann an searragan nuadha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Feuch, tha mo chom mar fhìon gun dol as aige; mar shearragan nuadha, tha e ullamh gu bhith air a reubadh.

Biodh mo chridhe treibhdhireach ann ad reachdan, a‑chum nach nàraichear mi.

Oir tha mi mar shearraig ann an deataich; gidheadh cha do dhìochuimhnich mi do reachdan.

Cha mhò a chuireas daoine fìon nuadh ann an seann searragan: no brisear na searragan, agus dòirtear am fìon, agus caillear na searragan: ach cuiridh iad fìon nuadh ann an searragan nuadha, agus bidh iad araon tèarainte.

Agus chan eil duine sam bith a dh’fhuaigheas mìr de aodach nuadh air seann aodach; no, ma dh’fhuaigheas, buinidh am mìr nuadh, a chuireadh ga lìonadh suas, as an t‑seann aodach, agus nìthear an reubadh nas miosa.

Agus thàrladh gun deachaidh e tro na h‑achaidhean arbhair air là na sàbaid; agus thòisich a dheisciobail, ag imeachd dhaibh, ris na diasan arbhair a spìonadh.

Agus na searragan fìona seo a lìon sinn, bha iad nuadh, agus, feuch, tha iad reubte: agus tha ar n‑aodach seo agus ar brògan air fàs sean, le ro‑fhad na slighe.

Rinn iadsan mar an ceudna gu seòlta, agus chaidh iad agus leig iad orra gum bu teachdairean iad, agus ghabh iad seann saic air an asail, agus fìon-shearragan a bha sean agus reubte, agus ceangailte suas;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan