Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 2:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chan eil duine sam bith a dh’fhuaigheas mìr de aodach nuadh air seann aodach; no, ma dh’fhuaigheas, buinidh am mìr nuadh, a chuireadh ga lìonadh suas, as an t‑seann aodach, agus nìthear an reubadh nas miosa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Oir cha bhi mi a’ cronachadh gu sìor, agus cha bhi fearg orm an còmhnaidh; oir dh’fhàilnicheadh an spiorad romham, agus na h‑anaman a rinn mi fhèin.

Cha chuir duine sam bith mìr de aodach nuadh air seann aodach: oir buinidh an nì a chuireadh ga lìonadh suas as an aodach, agus nìthear an reubadh nas miosa.

Ach thig na làithean anns an toirear am fear nuadh-pòsda uapa; agus an sin nì iad trasgadh anns na làithean sin.

Agus cha chuir duine air bith fìon nuadh ann an seann searragan; no brisidh am fìon nuadh na searragan, agus dòirtear am fìon, agus caillear na searragan: ach is còir fìon nuadh a chur ann an searragan nuadha.

Agus labhair e mar an ceudna cosamhlachd riu: Cha chuir neach air bith mìr de aodach nuadh air seann aodach, no reubaidh an t‑aodach nuadh e, agus cha tig am mìr den aodach nuadh ris an t‑seann aodach.

Cha do thachair deuchainn air bith ribh, ach nì a tha coitcheann do dhaoine: ach tha Dia dìleas, nach leig dhuibh a bhith air ur feuchainn thar ur comais; ach a nì maille ris an deuchainn slighe gu dol as mar an ceudna, a‑chum gum bi sibh comasach air a giùlan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan