Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 2:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach thig na làithean anns an toirear am fear nuadh-pòsda uapa; agus an sin nì iad trasgadh anns na làithean sin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

29 Iomraidhean Croise  

An sin gabhaidh an Rìgh mòr-thlachd ann ad àille; a chionn gur esan do Thighearna, thoir-sa urram dha.

Rachaibh a‑mach, a nigheanan Shioin, agus faicibh Rìgh Solamh leis a’ chrùn leis an do chrùn a mhàthair e air là a phòsaidh, agus air là subhachas a chridhe.

Oir is e d’fhear-pòsda do Chruithear; is e Tighearna nan sluagh as ainm dha; agus is e d’fhear-saoraidh Tì naomh Israeil; goirear Dia an domhain uile mar ainm ris.

Oir mar a phòsas duine òg òigh, mar sin pòsaidh d’fhear-togail thusa; agus mar a nì am fear nuadh-pòsda gàirdeachas na mhnaoi, mar sin nì do Dhia gàirdeachas annadsa.

Dùisg, O chlaidheimh, an aghaidh mo bhuachaille, agus an aghaidh an duine a tha na dhlùth-chompanach dhòmhsa, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh. Buailidh mise am buachaille, agus bidh an treud air a sgapadh; agus tionndaidhidh mi mo làmh air a’ mhuinntir bhig.

An sin thubhairt Iosa riu, Gheibh sibh uile oilbheum annamsa a‑nochd; oir tha e sgrìobhte, Buailidh mi am buachaille, agus sgapar caoraich an treuda.

Agus thubhairt Iosa riu, Am faod clann seòmar an fhir-nuadh-phòsda a bhith brònach, am feadh a bhios am fear-nuadh-pòsda maille riu? Ach thig na làithean anns an toirear am fear-nuadh-pòsda uapa, agus an sin nì iad trasgadh.

Agus thubhairt Iosa riu, A bheil clann seòmar an fhir nuadh-phòsda comasach air trasgadh a dhèanamh, am feadh a bhios am fear nuadh-pòsda maille riu? Am feadh tha am fear nuadh-pòsda aca maille riu, chan fhaod iad trasg a dhèanamh.

Agus chan eil duine sam bith a dh’fhuaigheas mìr de aodach nuadh air seann aodach; no, ma dh’fhuaigheas, buinidh am mìr nuadh, a chuireadh ga lìonadh suas, as an t‑seann aodach, agus nìthear an reubadh nas miosa.

Agus thubhairt e ris na deisciobail, Thig na làithean anns am miannach leibh aon de làithean Mac an Duine fhaicinn, agus chan fhaic sibh e.

Ach thig na làithean nuair a bheirear am fear nuadh-pòsda uapa; an sin nì iad trasg anns na làithean sin.

Oir tha na bochdan a‑ghnàth agaibh maille ribh, ach chan eil mise agaibh a‑ghnàth.

A chlann bheag, fhathast ùine bheag tha mise maille ribh. Iarraidh sibh mi: agus mar a thubhairt mi ris na h‑Iùdhaich, Don àite don tèid mise, chan eil e an comas dhuibhse teachd; mar sin tha mi ag ràdh ribhse a‑nis.

Thàinig mi a‑mach on Athair, agus tha mi air teachd a‑chum an t‑saoghail: a‑rìs, tha mi a’ fàgail an t‑saoghail, agus a’ dol a‑chum an Athar.

Gidheadh tha mi ag innse dhuibh na fìrinn. Is buannachd dhuibh mise a dh’fhalbh: oir mura falbh mi, cha tig an Comhfhurtair dur n‑ionnsaighse; ach ma dh’fhalbhas mi, cuiridh mi esan dur n‑ionnsaigh.

Agus a‑nis chan eil mise nas mò anns an t‑saoghal, ach tha iadsan anns an t‑saoghal, agus tha mise a’ teachd ad ionnsaigh-sa. Athair naoimh, coimhead iadsan tre d’ainm, a thug thu dhòmhsa, a‑chum gum bi iad nan aon, mar tha sinne.

Agus a‑nis tha mi a’ teachd ad ionnsaigh-sa; agus tha mi a’ labhairt nan nithean seo anns an t‑saoghal, a‑chum gum biodh mo ghàirdeachas aca air a choileanadh annta.

An tì aig a bheil a’ bhean nuadh-phòsda, is e am fear nuadh-pòsda e: ach caraid an fhir nuadh-phòsda, a tha na sheasamh agus ag èisdeachd ris, tha e a’ dèanamh gàirdeachais mhòir airson guth an fhir nuadh-phòsda: uime sin tha mo ghàirdeachas-sa air a choileanadh.

Agus nuair a thubhairt e na nithean seo, thogadh suas e, agus iadsan ga fhaicinn; agus thug neul as an sealladh e.

Agus nuair a dh’òrdaich iad seanairean dhaibh anns gach eaglais, agus a rinn iad ùrnaigh maille ri trasgadh, dh’earb iad iad ris an Tighearna, anns an do chreid iad.

Neach as èiginn do nèamh a ghabhail gu aimsirean aiseag nan uile nithean, air an do labhair Dia le beul a fhàidhean naomha uile, o thoiseach an t‑saoghail.

Na cumaibh ur dlighe o chèile, ach le toil a chèile rè tamaill, a‑chum sibh fhèin a thoirt do thrasg agus do ùrnaigh; agus thigibh cuideachd a‑rìs, a‑chum nach buair Sàtan sibh airson ur neo-gheamnaidheachd.

Oir tha mi eudmhor umaibh le eud diadhaidh; oir rinn mi ceangal-pòsaidh eadar sibh agus aon fhear, a‑chum ur cur mar òigh fhìorghlain an làthair Chrìosd.

Ann an saothair agus sgìos, ann am fairean gu minig, ann an acras agus tart, ann an trasgadh gu minig, ann am fuachd agus ann an lomnochdaidh.

Ann am buillean, ann am prìosanan, ann an luasgadh o àite gu h‑àite, ann an saothair, ann am faire, ann an trasgadh;

Bitheamaid aoibhinn agus dèanamaid gàirdeachas, agus thugamaid glòir dhàsan: oir thàinig pòsadh an Uain, agus dh’ullaich a bhean i fhèin.

Agus thàinig am ionnsaigh aon de na seachd aingil, aig an robh na seachd soithichean làn de na seachd plàighean deireannach, agus labhair e rium, ag ràdh, Thig an seo, nochdaidh mise dhut a’ bhean nuadh-phòsda, bean an Uain.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan