Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 2:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chunnaic na sgrìobhaichean agus na Pharasaich esan ag ithe maille ri cìs-mhaoir agus ri peacaich, thubhairt iad ra dheisciobail, Carson a tha e ag ithe agus ag òl maille ri cìs-mhaoir agus ri peacaich?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

A tha ag ràdh, Fan agad fhèin, na tig am fagas dhòmhsa; oir is mise as naoimhe na thusa. Tha iad seo nan deataich ann am shròin, nan teine a tha a’ losgadh rè an là uile.

Agus ma dhiùltas e iadsan èisdeachd, innis don eaglais e: ach ma dhiùltas e an eaglais èisdeachd, biodh e dhut mar Chinneach agus mar chìs-mhaor.

Oir ma bhios gràdh agaibh don mhuinntir aig a bheil gràdh dhuibh, ciod an duais a gheibh sibh? Nach eil eadhon na cìs-mhaoir a’ dèanamh an nì cheudna?

Agus nuair a chunnaic na Pharasaich seo, thubhairt iad ra dheisciobail, Carson a dh’itheas ur Maighistir-se maille ri cìs-mhaoir agus ri peacaich?

Agus thàrladh, nuair a shuidh Iosa a‑chum bìdh na thaigh-san, gun do shuidh mòran chìs-mhaor agus pheacach maille ri Iosa agus ra dheisciobail; oir bha mòran ann, agus lean iad e.

Carson a tha am fear seo a’ labhairt toibheim mar seo? Cò a dh’fhaodas peacaidhean a mhaitheadh ach Dia a‑mhàin?

Sheas am Pharasach leis fhèin, agus rinn e ùrnaigh mar seo, A Dhè, tha mi a’ toirt buidheachais dhut nach eil mi mar a tha daoine eile, nan luchd-fòirneirt, eucorach, adhaltranach, no eadhon mar an cìs-mhaor seo.

Oir thàinig Mac an Duine a shireadh agus a thèarnadh an nì sin a bha caillte.

Agus nuair a chunnaic iad seo, rinn iad uile gearan, ag ràdh gun deachaidh e a‑steach air aoidheachd gu duine a tha na pheacach.

Agus rinn an sgrìobhaichean agus am Pharasaich gearan an aghaidh a dheisciobal-san, ag ràdh, Carson a tha sibh ag ithe agus ag òl maille ri cìs-mhaoir agus ri peacaich?

Agus dh’èirich gàir mhòr: agus air seasamh suas do na sgrìobhaichean a bha air taobh nam Pharasach, chathaich iad nan aghaidh, ag ràdh, Chan eil sinne a’ faotainn cron air bith anns an duine seo: ach ma labhair spiorad no aingeal ris, na cogamaid an aghaidh Dhè.

Ach bheir an duine spioradail breith air na h‑uile nithean, gidheadh chan eil e fhèin fo bhreith duine sam bith.

Uime sin thugaibh fa‑near esan a dh’fhuiling a shamhail sin de ana-cainnt o pheacaich na aghaidh fhèin, air eagal gum bi sibh sgìth agus lag nur n‑inntinnean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan