Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 2:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus a’ dol seachad dha, chunnaic e Lèbhi mac Alphèuis na shuidhe aig àite-togail na cìse, agus thubhairt e ris, Lean mise. Agus dh’èirich e, agus lean e e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Ach thubhairt Iosa ris, Lean mise, agus leig leis na mairbh am mairbh fhèin adhlacadh.

Agus thàrladh, nuair a shuidh Iosa a‑chum bìdh na thaigh-san, gun do shuidh mòran chìs-mhaor agus pheacach maille ri Iosa agus ra dheisciobail; oir bha mòran ann, agus lean iad e.

Agus Anndras, agus Philip, agus Bartolomèus, agus Mata, agus Tòmas, agus Seumas, mac Alphèuis, agus Tadèus, agus Sìmon an Canàanach,

Mata agus Tòmas, Seumas mac Alphèuis, agus Sìmon den goirear Selotes,

Agus nuair a thàinig iad a‑steach, chaidh iad suas do sheòmar uachdarach, far an robh a’ fantainn Peadar, agus Seumas, agus Eòin, agus Anndras, Philip, agus Tòmas, Bartolomèus, agus Mata, Seumas mac Alphèuis, agus Sìmon Selotes, agus Iùdas bràthair Sheumais.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan