Agus bha, mar an ceudna, mnathan am fad uapa ag amharc: nam measg sin bha Muire Magdalen, agus Muire, màthair Sheumais a bu lugha, agus Iòseis, agus Salòme;
Agus air dol a‑mach dhaibh, theich iad on uaigh; oir bha ball-chrith agus uamhann orra: agus cha dubhairt iad nì sam bith ri neach air bith; oir bha eagal orra.
Agus chunnaic i dà aingeal ann an culaidhean geala, nan suidhe, fear aig a’ cheann, agus fear aig na casan, anns an àite anns an robh corp Iosa na laighe;
Agus air a’ chiad là den t‑seachdain, air do na deisciobail cruinneachadh an ceann a chèile a bhriseadh arain, shearmonaich Pòl dhaibh, agus a rùn air imeachd uapa air an là màireach, agus lean e air labhairt gu meadhon-oidhche.