Agus imichibh gu luath, agus innsibh da dheisciobail gun d’èirich e o na mairbh: agus, feuch, tha e a’ dol romhaibh do Ghalile; an sin chì sibh e; feuch, thubhairt mise ribh e.
Agus air dol a‑mach dhaibh, theich iad on uaigh; oir bha ball-chrith agus uamhann orra: agus cha dubhairt iad nì sam bith ri neach air bith; oir bha eagal orra.
Ionnas air an làimh eile, gur mò as còir dhuibh maitheanas agus comhfhurtachd a thoirt dha, air eagal gum biodh a leithid seo de dhuine air a shlugadh suas le anabarr doilgheis.