Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 16:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt esan riu, Na biodh eagal oirbh: tha sibh ag iarraidh Iosa o Nàsaret, a cheusadh: dh’èirich e, chan eil e an seo: faicibh an t‑àit anns an do chuir iad e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

A nochd dhomh teanntachdan mòra agus cruaidhe, a bheothaicheas mi a‑rìs, agus o dhoimhneachdan na talmhainn a bheir mi a‑nìos a‑rìs?

Iadsan aig a bheil gràdh dhomh gràdhaichidh mi; agus iadsan a dh’iarras mi gu moch gheibh iad mi.

Oir mar a bha Iònas ann am broinn na muice-mara trì làithean agus trì oidhchean, is ann mar sin a bhios Mac an Duine ann an cridhe na talmhainn trì làithean agus trì oidhchean.

Ag ràdh, Leig leinn; ciod ar gnothach-ne riut, Iosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios-ne? Is aithne dhomh cò thu, aon naomh Dhè.

Agus ghabh iad mòr-iongantas uile, ionnas gu robh iad a’ cur na ceiste seo ri chèile, ag ràdh, Ciod e seo? Ciod e an teagasg nuadh seo? Oir le ùghdarras tha e a’ toirt òrdaigh eadhon do na spioradan neòghlan, agus tha iad umhail dha.

Agus nì iad fanaid air, agus sgiùrsaidh iad e, agus tilgidh iad smugaid air, agus cuiridh iad gu bàs e: agus air an treas là èiridh e a‑rìs.

Agus thug e leis Peadar, agus Seumas, agus Eòin, agus thòisich e air a bhith fo uamh-chrith, agus fo anabarr bròin;

Agus air ball bha an sluagh uile, nuair a chunnaic iad e, fo uamhas mòr, agus air dhaibh ruith da ionnsaigh, chuir iad fàilte air.

Agus thubhairt e riu, Mar seo tha e sgrìobhte, agus mar seo b’èiginn do Chrìosd fulang, agus èirigh o na mairbh air an treas là:

Neach a thog Dia suas, air dha piantan a’ bhàis fhuasgladh; do bhrìgh nach robh e an comas gun cùmte esan leis:

Biodh e aithnichte dhuibhse uile, agus do phoball Israeil uile, gur ann tre ainm Iosa Crìosd o Nàsaret, a cheus sibhse, a thog Dia o na mairbh, eadhon trìdsan a tha an duine seo na sheasamh an seo nur làthair-se slàn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan