Agus air dhaibh amharc, chunnaic iad gu robh a’ chlach air a h‑atharrachadh air falbh, oir bha i ro‑mhòr.
Agus chuir e e na uaigh nuaidh fhèin, a chladhaich e ann an carraig. Agus charaich e clach mhòr gu doras na h‑uaighe, agus dh’imich e roimhe.
Agus dh’imich iad, agus rinn iad an uaigh cinnteach, a’ cur seula air a’ chloich, maille ri faire.
Agus thubhairt iad eatorra fhèin, Cò a charaicheas dhuinn a’ chlach o dhoras na h‑uaighe?
Agus air dhaibh dol a‑steach don àit-adhlaic, chunnaic iad òganach na shuidhe air an làimh dheis, mun robh trusgan fada geal; agus bha eagal orra.
Agus fhuair iad a’ chlach air a carachadh on uaigh.
Air a’ chiad là den t‑seachdain thàinig Muire Magdalen gu moch, agus an dorchadas fhathast ann, a‑chum na h‑uaighe, agus chunnaic i a’ chlach air a togail on uaigh.