Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 16:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Togaidh iad nathraichean nimhe; agus ma dh’òlas iad nì air bith marbhtach, cha chiùrr e iad; cuiridh iad an làmhan air daoine tinne, agus bidh iad gu math.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus cuiridh mi naimhdeas eadar thusa agus a’ bhean, agus eadar do shìol-sa agus a sìol-se; bruthaidh esan do cheann, agus bruthaidh tusa a shàil-san.

Air an leòmhann agus an nathair-nimhe saltraidh tu; pronnaidh tu fod chois an leòmhann òg agus an dràgon.

Agus ghuidh e gu dùrachdach air, ag ràdh, Tha mo nighean bheag ann an cunnart grad-bhàis; thig, tha mi a’ guidhe ort, agus leag do làmhan oirre a‑chum gun slànaichear i, agus mairidh i beò.

Feuch, tha mi a’ toirt dhuibh cumhachd saltairt air nathraichean, agus air scorpionan, agus air uile neart an nàmhaid; agus cha ghortaich nì air bith air aon dòigh sibh.

Air chor is gun tugadh o a chorp-san a‑chum nan daoine tinne, nèapaiginean no aprain, agus gun d’fhalbh an easlaintean uapa, agus gun deachaidh na droch spioradan a‑mach asda.

Agus nuair a chunnaic Peadar seo, fhreagair e an sluagh, Fheara Israeil, carson a tha sibh a’ geur-amharc oirnne, mar gum b’ann le ar cumhachd no ar naomhachd fhèin a thug sinn air an duine seo imeachd?

Agus tre chreideamh na ainm neartaich e an tì seo, a tha sibhse a’ faicinn, agus as aithne dhuibh: seadh, thug a ainm-san agus an creideamh a tha trìd-san, dhàsan an t‑slàinte iomlan seo nur làthair-se uile.

Biodh e aithnichte dhuibhse uile, agus do phoball Israeil uile, gur ann tre ainm Iosa Crìosd o Nàsaret, a cheus sibhse, a thog Dia o na mairbh, eadhon trìdsan a tha an duine seo na sheasamh an seo nur làthair-se slàn.

Oir bha an duine air an do rinneadh am mìorbhail leighis seo tuilleadh is dà‑fhichead bliadhna a dh’aois.

Led làmh a shìneadh a‑mach a‑chum leighis: agus gum bi comharraidhean agus mìorbhailean air an dèanamh tre ainm do leinibh naoimh Iosa.

Agus thubhairt Peadar ris, Eneais, tha Iosa Crìosd gad leigheas: èirich agus dèan do leabaidh. Agus air ball dh’èirich e.

Agus bruthaidh Dia na sìthe Sàtan fo ur casan gu h‑aithghearr. Gràs ar Tighearna Iosa Crìosd gu robh maille ribh. Amen.

Do neach eile creideamh leis an Spiorad cheudna; do dhuine eile tìodhlacan leighis tre an Spiorad cheudna;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan