Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 16:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus leanaidh na comharraidhean seo an dream a chreideas: Ann am ainm-sa tilgidh iad a‑mach deamhain; labhraidh iad le teangan nuadha;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair Eòin e, ag ràdh, A Mhaighistir, chunnaic sinne neach nach eil gar leantainn-ne a’ tilgeadh a‑mach dheamhan ad ainm-sa; agus bhac sinn e, a chionn nach eil e gar leantainn fhèin.

Agus thill an deichnear agus an trì-fichead le gàirdeachas, ag ràdh, a Thighearna, tha na deamhain fhèin fo smachd againne tro d’ainm-sa.

Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a chreideas annam-sa, na h‑obraichean a tha mise a’ dèanamh, nì esan mar an ceudna; agus nì e obraichean as mò na iad seo, do bhrìgh gu bheil mise a’ dol a‑chum m’Athar.

Oir chuala iad iad a’ labhairt le teangaidhean, agus ag àrd-mholadh Dhè. An sin fhreagair Peadar,

Agus rinn i seo rè mòran làithean. Ach air do Phòl a bhith duilich, thionndaidh e agus thubhairt e ris an spiorad, Tha mi a’ toirt òrdaigh dhut ann an ainm Iosa Crìosd dol a‑mach aisde. Agus chaidh e a‑mach air an uair sin fhèin.

Agus air do Phòl a làmhan a chur orra, thàinig an Spiorad Naomh orra; agus labhair iad le teangaidhean, agus rinn iad fàidheadaireachd.

Uime sin, air dha a bhith air àrdachadh le deaslàimh Dhè, agus gealladh an Spioraid Naoimh fhaotainn on Athair, dhòirt e a‑mach an nì seo, a tha sibhse a‑nis a’ faicinn agus a’ cluinntinn.

Agus thàinig mar an ceudna mòr-shluagh as na bailtean mun cuairt air Ierusalem a’ toirt leo muinntir easlain, agus dream a bha air an cràdh le spioradan neòghlan: agus lèighseadh iad uile.

Oir chaidh spioradan neòghlan a‑mach à mòran anns an robh iad, a’ glaodhaich le guth mòr: agus chaidh mòran air an robh a’ phairilis, agus a bha nam bacaich, a shlànachadh.

Do neach eile obrachadh mhìorbhailean; do neach eile fàidheadaireachd; do neach eile aithneachadh spiorad; do neach eile iomadh gnè theanga; agus do neach eile eadar-mhìneachadh theanga.

Agus chuir Dia dream àraidh anns an eaglais, air tùs abstoil, anns an dara àite fàidhean, anns an treas àite luchd-teagaisg, a‑rìs mìorbhailean, na dhèidh sin tìodhlacan leighis, luchd-cuideachaidh, uachdaranachdan, iomadh gnè theanga.

A bheil aig na h‑uile tìodhlacan leighis? An labhair na h‑uile le teangaidhean? An dèan na h‑uile eadar-theangachadh?

Ged labhrainn le teangaidhean dhaoine agus aingeal, agus gun ghràdh agam, tha mi am umha a nì fuaim, no am chiombal a nì gleangarsaich.

Oir an tì a labhras ann an teangaidh choimhich, chan ann ri daoine a labhras e, ach ri Dia: oir chan eil neach sam bith ga thuigsinn; ged tha e anns an spiorad a’ labhairt rùintean diamhair.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan