Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 16:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ge bè a chreideas agus a bhaistear, saorar e, ach ge bè nach creid, dìtear e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

36 Iomraidhean Croise  

Uime sin imichibh-se, agus dèanaibh deisciobail de gach uile chinneach, gam baisteadh ann an ainm an Athar, agus a’ Mhic, agus an Spioraid Naoimh;

Agus ag ràdh, Choileanadh an aimsir, agus tha rìoghachd Dhè am fagas; dèanaibh-se aithreachas, agus creidibh an soisgeul.

Iadsan ri taobh an rathaid, is iad sin a dh’èisdeas: na dhèidh sin tha an diabhal a’ teachd, agus a’ togail air falbh an fhacail as an cridheachan, air eagal gun creideadh iad agus gum biodh iad air an saoradh.

Ach tha iad seo sgrìobhte, a‑chum gun creideadh sibh gur e Iosa an Crìosd Mac Dhè; agus a’ creidsinn dhuibh, gum biodh agaibh beatha tro a ainm-san.

An tì a chreideas anns a’ Mhac, tha a’ bheatha mhaireannach aige; ach an tì nach eil a’ creidsinn anns a’ Mhac, chan fhaic e beatha; ach tha fearg Dhè a’ gabhail còmhnaidh air.

Fhreagair Iosa, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut, mura bi duine air a bhreith o uisge, agus on Spiorad, chan urrainn e dol a‑steach do rìoghachd Dhè.

Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a dh’èisdeas rim fhacal-sa, agus a tha a’ creidsinn anns an tì a chuir uaithe mi, tha a’ bheatha mhaireannach aige, agus cha tig e a‑chum dìtidh, ach chaidh e thairis o bhàs gu beatha.

Fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Is i seo obair Dhè, gun creid sibh anns an tì a chuir e uaithe.

Agus thubhairt Iosa riu, Is mise aran na beatha: an tì a thig am ionnsaigh-sa, cha bhi acras gu bràth air; agus an tì a chreideas annamsa, cha bhi tart gu bràth air.

Agus is i seo toil an tì a chuir uaithe mi, gum biodh a’ bheatha mhaireannach aig gach neach a chì am Mac, agus a chreideas ann: agus togaidh mise suas e air an là dheireannach.

Uime sin thubhairt mi ribh gum bàsaich sibh nur peacaidhean: oir mura creid sibh gur mise e, gheibh sibh bàs nur peacaidhean.

Dhàsan tha na fàidhean uile a’ toirt fianais, gum faigh gach neach a chreideas ann maitheanas nam peacaidhean tre a ainm-san.

Agus trìdsan tha gach neach a chreideas air a shaoradh o na h‑uile nithean, o nach robh e an comas dhuibh a bhith air ur saoradh le lagh Mhaois.

An sin dh’fhàs Pòl agus Barnabas dàn, agus thubhairt iad, B’èiginn facal Dhè a bhith air a labhairt ribhse air tùs: ach do bhrìgh gun do chuir sibh cùl ris, agus gur i ur breith oirbh fhèin nach airidh sibh air a’ bheatha mhaireannaich, feuch, tha sinne a’ tionndadh a‑chum nan Cinneach.

An sin thubhairt Peadar riu, Dèanaibh aithreachas, agus bithibh air ur baisteadh, gach aon agaibh ann an ainm Iosa Crìosd, a‑chum maitheanas pheacaidhean, agus gheibh sibh tìodhlac an Spioraid Naoimh.

An sin bhaisteadh iadsan a ghabh ra fhacal gu toileach: agus air an là sin fhèin chuireadh riu timcheall trì mìle anam.

Agus a‑nis carson a tha thu a’ dèanamh moille? Eirich, agus bi air do bhaisteadh, agus ionnlaid uat do pheacaidhean, a’ gairm air ainm an Tighearna.

Nar leigeadh Dia: no cionnas a bheir Dia breith air an t‑saoghal?

Ach air ar son-ne mar an ceudna dom measar e, ma chreideas sinn annsan a thog suas Iosa ar Tighearna o na mairbh,

Ann an teine lasrach, a’ dèanamh dìoghaltais air an dream aig nach eil eòlas air Dia, agus nach eil umhail do shoisgeul ar Tighearna Iosa Crìosd:

A‑chum gum bi iad uile air an dìteadh nach do chreid an fhìrinn, ach aig an robh tlachd anns an eucoir.

Muinntir trìdsan a tha a’ creidsinn ann an Dia a thog esan o na mairbh, agus a thug glòir dha, a‑chum gum biodh ur creideamh agus ur muinghinn ann an Dia.

Tha am baisteadh, mar shamhlachas a tha a’ co‑fhreagradh dha seo (chan e cur dhinn sal na feòla, ach freagradh deagh chogais a‑thaobh Dhè), a‑nis gar tèarnadh-ne, tre aiseirigh Iosa Crìosd:

Agus ge bè air bith nach d’fhuaireadh sgrìobhte ann an leabhar na beatha, thilgeadh e anns an loch theine.

Ach aig an dream sin a tha gealtach, agus mì‑chreidmheach, agus gràineil, agus aig luchd-mort, agus strìopachais, agus draoidheachd, agus iodhal-adhraidh, agus aig na h‑uile bhreugairean, bidh an cuibhreann anns an loch a tha a’ dearg-lasadh le teine agus pronnasg, nì as e an dara bàs.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan