Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 16:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An dèidh sin nochdadh e don aon-fhear-deug, agus iad nan suidhe aig biadh, agus thilg e orra am mì‑chreideamh, agus an cruas-cridhe, a chionn nach do chreid iad iadsan a chunnaic e an dèidh dha èirigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Cia fhad a bhrosnaicheas an sluagh seo mi? Agus cia fhad a bhitheas e mun creid iad mi, airson nan comharraidhean uile a nochd mi nam measg?

An sin thòisich e air achmhasan a thabhairt do na bailtean anns am mò an do rinneadh de a obraichean cumhachdach, airson nach do rinn iad aithreachas.

Agus thubhairt Iosa riu, Airson ur mì‑chreidimh: oir gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, nam biodh agaibh creideamh mar ghràinne mustaird, theireadh sibh ris a’ bheinn seo, Atharraich as a seo an siud, agus dh’atharraicheadh i; agus cha bhiodh nì air bith eu‑comasach dhuibh.

Agus nuair a chunnaic iad e, rinn iad adhradh dha: ach bha cuid aca fo amharas.

Agus thubhairt e riu, A bheil sibhse mar seo fhathast gun tuigse? Nach eil fhios agaibh, ge bè nì air bith a thèid a‑steach anns an duine on leth a‑muigh, nach eil e an comas dha esan a shalachadh?

Agus mheasadh am briathran leòsan mar sgeulan faoine, agus cha do chreid iad iad.

An sin thubhairt e riu, O dhaoine amaideach, agus mall-chridheach a chreidsinn nan nithean sin uile a labhair na fàidhean!

Uime sin thubhairt na deisciobail eile ris, Chunnaic sinne an Tighearna. Ach thubhairt esan riu, Mura faic mise aileadh nan tàirngean na làmhan, agus mura cuir mi mo mheur ann an aileadh nan tàirngean, agus mura cuir mi mo làmh na thaobh, cha chreid mi.

Agus an ceann ochd làithean na dhèidh sin, bha a dheisciobail a‑rìs a‑staigh, agus Tòmas maille riu: thàinig Iosa, agus na dorsan dùinte, agus sheas e anns a’ mheadhon, agus thubhairt e, Sìth dhuibh.

Na dhèidh sin thubhairt e ri Tòmas, Cuir an seo do mheur, agus feuch mo làmhan; agus sìn an seo do làmh, agus cuir am thaobh i: agus na bi mì‑chreidmheach, ach creidmheach.

An dèidh nan nithean sin dh’fhoillsich Iosa e fhèin a‑rìs da dheisciobail aig muir Thiberiais; agus air an dòigh seo nochd e e fhèin:

Is i seo a‑nis an treas uair a nochd Iosa e fhèin da dheisciobail, an dèidh dha èirigh o na mairbh.

Don do rinn e mar an ceudna e fhèin a nochdadh beò an dèidh a fhulangais, le mòran de chomharraidhean fìrinneach, air dha a bhith air fhaicinn leo feadh dà‑fhichead là, agus e a’ labhairt mu na nithean sin a bhuineadh do rìoghachd Dhè:

Agus gum facas e le Cèphas, na dhèidh sin leis an dà‑fhear-dheug.

A mheud is as ionmhainn leam tha mi a’ cronachadh agus a’ smachdachadh; uime sin biodh agadsa teas-ghràdh, agus dèan aithreachas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan