Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 16:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Na dhèidh sin, nochdadh e do dhithis dhiubh ann an cruth eile, ag imeachd dhaibh, agus iad a’ dol don dùthaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

An dèidh sin nochdadh e don aon-fhear-deug, agus iad nan suidhe aig biadh, agus thilg e orra am mì‑chreideamh, agus an cruas-cridhe, a chionn nach do chreid iad iadsan a chunnaic e an dèidh dha èirigh.

Agus nuair a bha e ri ùrnaigh, bha dreach a ghnùise air atharrachadh, agus rinneadh a aodach geal agus dealrach.

An dèidh nan nithean sin dh’fhoillsich Iosa e fhèin a‑rìs da dheisciobail aig muir Thiberiais; agus air an dòigh seo nochd e e fhèin:

Is i seo a‑nis an treas uair a nochd Iosa e fhèin da dheisciobail, an dèidh dha èirigh o na mairbh.

Don do rinn e mar an ceudna e fhèin a nochdadh beò an dèidh a fhulangais, le mòran de chomharraidhean fìrinneach, air dha a bhith air fhaicinn leo feadh dà‑fhichead là, agus e a’ labhairt mu na nithean sin a bhuineadh do rìoghachd Dhè:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan