Agus an sin foillsichear comharradh Mac an Duine ann an nèamh: agus an sin nì uile threubhan na talmhainn bròn, agus chì iad Mac an Duine a’ teachd air neòil nèimh, le cumhachd agus glòir ro‑mhòr.
Agus thubhairt Iosa riu, Am faod clann seòmar an fhir-nuadh-phòsda a bhith brònach, am feadh a bhios am fear-nuadh-pòsda maille riu? Ach thig na làithean anns an toirear am fear-nuadh-pòsda uapa, agus an sin nì iad trasgadh.
Agus ghoir an coileach an dara uair. Agus chuimhnich Peadar am facal a thubhairt Iosa ris, Mun goir an coileach dà uair, àichidh tu mi trì uairean. Agus nuair a smaoinich e air, ghuil e.