Agus air dol don t‑sàbaid seachad, cheannaich Muire Magdalen, agus màthair Sheumais, agus Salòme, spìosraidh deagh fhàile, a‑chum air dhaibh teachd gun ungadh iad e.
Agus dh’adhlaic iad e na uaigh fhèin, a rinn e air a shon fhèin ann am baile Dhaibhidh, agus chuir iad na laighe e ann an leabaidh, a lìonadh le nithean cùbhraidh, agus le iomadh gnè ola air an deasachadh le ealadhain an lèigh: agus rinn iad dha losgadh ro‑mhòr.
Agus air bhith dha ann am Betani, ann an taigh Shìmoin an lobhar, nuair a bha e na shuidhe aig bòrd, thàinig bean, aig an robh bocsa alabastair de ola spicnaird ro‑luachmhor; agus bhris i am bocsa, agus dhòirt i air a cheann e.
Agus bha, mar an ceudna, mnathan am fad uapa ag amharc: nam measg sin bha Muire Magdalen, agus Muire, màthair Sheumais a bu lugha, agus Iòseis, agus Salòme;
Agus air dol a‑mach dhaibh, theich iad on uaigh; oir bha ball-chrith agus uamhann orra: agus cha dubhairt iad nì sam bith ri neach air bith; oir bha eagal orra.
A‑nis air a’ chiad là den t‑seachdain, gu ro‑mhoch air mhadainn, thàinig iad a‑chum na h‑uaighe, a’ toirt leo nan spìosraidh a dh’ullaich iad, agus mnathan àraidh eile maille riu.
An sin a‑chum nach fanadh na cuirp air a’ chrann-cheusaidh air an t‑sàbaid, a chionn gum b’e là an ullachaidh a bha ann (oir bu là mòr an là sàbaid sin), dh’iarr na h‑Iùdhaich air Pilat gun rachadh an luirgnean a bhriseadh, agus gun tugte air falbh iad.