Ach fhreagair Pilat iad, ag ràdh, An àill leibh gun cuir mi rìgh nan Iùdhach fa sgaoil dhuibh?
(Oir bha fhios aige gum b’ann tro fharmad a thug na h‑àrd-shagartan thairis e.)
Agus air glaodhaich gu h‑àrd don t‑sluagh, thòisich iad air iarraidh air a dhèanamh dhaibh mar a rinn e an còmhnaidh.
Ach tha gnàth agaibhse gun leiginn as duine dhuibh air a’ chàisg: uime sin an àill leibh mi a leigeadh rìgh nan Iùdhach fa sgaoil dhuibh?