Agus bha neach àraidh, dom b’ainm Barabas, ceangailte maille ra chompanaich ann an ceannairc, muinntir a bha air dèanamh mort anns a’ cheannairc.
Agus bha aca, anns an àm sin, prìosanach ro‑chomharraichte, dom b’ainm Barabas.
A‑nis air an fhèill bu ghnàth leis aon phrìosanach, ge bè air bith a dh’iarradh iad, a leigeadh as dhaibh.
Agus air glaodhaich gu h‑àrd don t‑sluagh, thòisich iad air iarraidh air a dhèanamh dhaibh mar a rinn e an còmhnaidh.
Agus leig e a‑mach dhaibh esan a thilgeadh ann am prìosan airson ceannairc agus mortaidh, an neach a dh’iarr iad; ach thug e thairis Iosa den toil.