Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 15:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis air an fhèill bu ghnàth leis aon phrìosanach, ge bè air bith a dh’iarradh iad, a leigeadh as dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Tha fhios agaibh gu bheil a’ chàisg an dèidh dà là, agus tha Mac an Duine air a bhrath a‑chum a cheusadh.

Ach thubhairt iad, Na dèanamaid e anns an fhèill, air eagal gum bi buaireas am measg a’ phobaill.

Agus bha neach àraidh, dom b’ainm Barabas, ceangailte maille ra chompanaich ann an ceannairc, muinntir a bha air dèanamh mort anns a’ cheannairc.

Ach sheas Peadar aig an doras an leth a‑muigh. Uime sin chaidh an deisciobal sin eile a b’aithne don àrd-shagart a‑mach, agus labhair e ris a’ bhan-dorsair, agus thug e Peadar a‑steach.

An sin air an adhbhar sin thug e thairis dhaibh e, gu bhith air a cheusadh. Agus ghlac iad Iosa, agus thug iad leo e.

Ach air do dhà bhliadhna a bhith air an coileanadh, thàinig Porcius Festus an àite Fhelics; agus air do Fhelics a bhith toileach comain a chur air na h‑Iùdhaich, dh’fhàg e Pòl ceangailte.

Ach air a bhith do Fhestus togarrach air toileachas-inntinn a thoirt do na h‑Iùdhaich, fhreagair e Pòl, agus thubhairt e, An àill leat dol suas gu Ierusalem, agus an sin dol fo bhreitheanas a‑thaobh nan nithean sin nam làthair-sa?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan