Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 15:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach cha do fhreagair Iosa nì sam bith tuilleadh; air chor is gun do ghabh Pilat iongantas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Mar adhbhar iongantais tha mi aig mòran, ach is tusa mo thèarmann làidir.

Shàraicheadh e, agus rinneadh ainneart air, gidheadh cha d’fhosgail e a bheul; thugadh e mar uan a‑chum a’ chasgraidh, agus mar chaora a bhios balbh an làthair a luchd-lomairt, mar sin cha d’fhosgail e a bheul.

Feuch, tha mise agus a’ chlann a thug an Tighearna dhomh nar comharraidhean agus nar n‑iongantasan ann an Israel, o Thighearna nan sluagh a tha na chòmhnaidh ann an sliabh Shioin.

Eisd a‑nis, O Iosuah, àrd-shagairt, thu fhèin agus do chompanaich a tha nan suidhe ad làthair: oir is daoine a tha nan samhladh iad: oir feuch, bheir mise a‑mach m’òglach, am Meangan.

Agus nuair a chuir na h‑àrd-shagartan agus na seanairean cionta as a leth, cha do fhreagair e nì sam bith.

Agus cha tug e freagradh dha air aon fhacal; ionnas gun do ghabh an t‑uachdaran iongantas ro‑mhòr.

Agus chuir Pilat a‑rìs ceist air, ag ràdh, Nach freagair thu nì sam bith? Feuch cia lìon nì air a bheil iad sin a’ toirt fianais ad aghaidh.

An sin dh’fheòraich e mòran de cheistean dheth; ach cha tug e freagradh sam bith air.

Agus chaidh e a‑steach a‑rìs do àit a’ bhreitheanais, agus thubhairt e ri Iosa, Cia as dhut? Ach cha tug Iosa freagradh dha.

Oir is i mo bharail gun do chuir Dia sinne, na h‑abstoil, a‑mach mu dheireadh, mar dhream a tha air an òrdachadh a‑chum bàis. Oir rinneadh sinn nar ball-amhairc don t‑saoghal, agus do ainglean, agus do dhaoine.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan