Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 15:46

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cheannaich esan lìon-aodach grinn, agus thug e a‑nuas e, agus phaisg e anns an lìon-aodach e, agus chuir e e ann an uaigh a chladhaicheadh à carraig, agus charaich e clach gu doras na h‑uaighe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Ciod a tha agad an seo, agus cò a tha agad an seo, gun do chladhaich thu a‑mach uaigh an seo air do shon fhèin, mar neach a tha a’ cladhach a‑mach uaighe dha fhèin gu h‑àrd, a tha a’ gearradh àite-còmhnaidh dha fhèin ann an carraig?

Agus dh’òrdaicheadh a uaigh maille ris na h‑aingidh, agus maille ri duine saoibhir na bhàs; airson nach do rinn e eucoir, agus nach robh cealg na bheul.

Agus, feuch, bha crith-thalmhainn mhòr ann; oir thàinig aingeal an Tighearna a‑nuas o nèamh, agus air teachd dha, charaich e a’ chlach on doras, agus shuidh e oirre.

Agus air dha fios fhaotainn on cheannard-ceud, thug e an corp do Iòseph.

Agus dh’amhairc Muire Magdalen, agus Muire màthair Iòseis, air an àit anns an do chuireadh e.

Agus air dha a thoirt a‑nuas, phaisg e ann an lìon-aodach e, agus chuir e ann an uaigh e a chladhaicheadh à carraig, anns nach do chuireadh aon duine riamh roimhe.

Uime sin thàinig Iosa, ag osnaich a‑rìs ann fhèin, a‑chum na h‑uaighe. Agus b’uamh i, agus bha clach air a cur oirre.

An sin thog iad a’ chlach (on àit anns an robh an duine marbh air a chur). Agus thog Iosa suas a shùilean, agus thubhairt e, Athair, tha mi a’ toirt buidheachais dhut, gun d’èisd thu rium.

Air a’ chiad là den t‑seachdain thàinig Muire Magdalen gu moch, agus an dorchadas fhathast ann, a‑chum na h‑uaighe, agus chunnaic i a’ chlach air a togail on uaigh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan