Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 15:43

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Thàinig Iòseph o Arimatèa, comhairleach urramach, aig an robh, mar an ceudna, sùil ri rìoghachd Dhè, agus chaidh e a‑steach gu dàn a dh’ionnsaigh Philait, agus dh’iarr e corp Iosa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Ach tha mòran air thoiseach a bhios air dheireadh; agus air dheireadh, a bhios air thoiseach.

Mar sin bidh an dream dheireannach air thoiseach, agus an dream a tha air thoiseach air dheireadh: oir tha mòran air an gairm, ach beagan air an taghadh.

Agus air teachd don fheasgar, thàinig duine saoibhir o Arimatèa, dom b’ainm Iòseph, a bha e fhèin na dheisciobal aig Iosa mar an ceudna.

Agus lean Peadar e fada uapa, gus an deachaidh e a‑steach do thalla an àrd-shagairt: agus bha e na shuidhe maille ris na seirbhisich, agus ga gharadh ris an teine.

Agus b’ioghnadh le Pilat ma bha e cheana marbh. Agus air dha an ceannard-ceud a ghairm, dh’fhiosraich e dheth, an robh fad o fhuair e bàs.

Agus, feuch, bha duine ann an Ierusalem dom b’ainm Simeon; agus bha an duine seo ionraic agus diadhaidh, agus bha dùil aige ri sòlas Israeil: agus bha an Spiorad Naomh air.

Agus air teachd dhise a‑steach anns an uair sin fhèin, thug i moladh don Tighearna, agus labhair i ma thimcheall riùsan uile aig an robh sùil ri saorsa ann an Ierusalem.

Agus, feuch, duine àraidh dom b’ainm Iòseph, comhairleach, a bha na dhuine math, agus na fhìrean;

(Cha d’aontaich an duine seo len comhairle no len gnìomh;) o Arimatèa, baile leis na h‑Iùdhaich; neach mar an ceudna aig an robh sùil ri rìoghachd Dhè.

Na dhèidh seo, dh’iarr Iòseph o Arimatèa (a bha na dheisciobal aig Iosa, ach am falach air eagal nan Iùdhach) air Pilat comas corp Iosa a thoirt leis: agus leig Pilat sin leis. Thàinig e air an adhbhar sin, agus thug e leis corp Iosa.

Ach bhrosnaich na h‑Iùdhaich na mnathan cràbhach agus urramach, agus daoine uaisle na cathrach, agus thog iad geur-leanmhainn an aghaidh Phòil agus Bharnabais, agus thilg iad a‑mach as an crìochan iad.

Uime sin chreid mòran dhiubh: agus mar an ceudna de mhnathan uaisle de na Greugaich, agus de fhir, àireamh nach bu bheag.

Agus gu bheil mòran de na bràithrean anns an Tighearna a’ gabhail misnich om ghèimhlean, leis an tuilleadh mòr-dhànachd a’ labhairt an fhacail gun eagal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan