Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 15:40

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha, mar an ceudna, mnathan am fad uapa ag amharc: nam measg sin bha Muire Magdalen, agus Muire, màthair Sheumais a bu lugha, agus Iòseis, agus Salòme;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Tha luchd mo ghaoil agus mo chàirdean a’ seasamh fa chomhair mo leòin, agus tha mo dhìlsean a’ seasamh fada uam.

Philip agus Bartolemèus, Tòmas, agus Mata an cìs-mhaor, Seumas mac Alphèuis, agus Lebèus don co‑ainm Tadèus;

Nach e seo mac an t‑saoir? Nach e ainm a mhàthar Muire? Nach iad a bhràithrean Seumas, agus Iòses, agus Sìmon, agus Iùdas?

Agus bha Muire Magdalen agus a’ Mhuire eile nan suidhe fa chomhair na h‑uaighe.

An dèidh na sàbaid, aig briseadh na fàire air a’ chiad là den t‑seachdain, thàinig Muire Magdalen, agus a’ Mhuire eile, a dh’fhaicinn na h‑uaighe.

Agus dh’amhairc Muire Magdalen, agus Muire màthair Iòseis, air an àit anns an do chuireadh e.

Agus air dol don t‑sàbaid seachad, cheannaich Muire Magdalen, agus màthair Sheumais, agus Salòme, spìosraidh deagh fhàile, a‑chum air dhaibh teachd gun ungadh iad e.

Agus air èirigh do Iosa anns a’ mhadainn air a’ chiad là den t‑seachdain, nochdadh e air tùs do Mhuire Magdalen, as an do thilg e seachd deamhain.

Agus bha dèidh aige air Iosa fhaicinn, cò e; agus cha b’urrainn e airson an t‑sluaigh, a chionn gu robh e ìosal na phearsa.

Agus sheas a luchd-eòlais uile, agus na mnathan a lean e o Ghalile, fad as, ag amharc air na nithean sin.

Nach eil againne comas piuthar, bean-phòsda, a thoirt leinn mun cuairt, amhail mar na h‑abstoil eile, agus bràithrean an Tighearna, agus Cèphas?

Ach neach air bith eile de na h‑abstoil chan fhaca mi, ach Seumas, bràthair an Tighearna.

Tha Seumas, seirbhiseach Dhè, agus an Tighearna Iosa Crìosd, a’ cur beannachd a‑chum an dà‑threubh-dheug a tha air an sgapadh o chèile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan