Agus chuir Pilat a‑rìs ceist air, ag ràdh, Nach freagair thu nì sam bith? Feuch cia lìon nì air a bheil iad sin a’ toirt fianais ad aghaidh.
Agus air don àrd-shagart èirigh, thubhairt e ris, Nach freagair thu a’ bheag? Ciod e a tha iad sin a’ toirt am fianais ad aghaidh?
An sin thubhairt Pilat ris, Nach cluinn thu cia lìon nithean air a bheil iad a’ toirt fianais ad aghaidh?
Agus chuir na h‑àrd-shagartan mòran de nithean as a leth: ach cha do fhreagair esan aon nì.
Ach cha do fhreagair Iosa nì sam bith tuilleadh; air chor is gun do ghabh Pilat iongantas.
An sin thubhairt Pilat ris, Nach labhair thu riumsa? Nach eil fhios agad gu bheil cumhachd agamsa do cheusadh, agus gu bheil cumhachd agam do chur fa sgaoil?