Agus ruith fear dhiubh, agus air dha spong a lìonadh de fhìon-geur, agus a cur air slait chuilce, thug e dha ri òl, ag ràdh, Leigibh leis; faiceamaid an tig Elias ga thoirt a‑nuas.
Agus nuair a ghlaodh Iosa le guth mòr, thubhairt e, Athair, tha mi a’ tiomnadh mo spioraid ad làmhan-sa: agus nuair a thubhairt e seo, thug e suas an deò.
Neach ann an làithean a fheòla, an dèidh dha ùrnaighean agus athchuingean, maille ri àrd-èighich agus deòir, ìobradh suas don tì a bha comasach air a shaoradh on bhàs, agus ris an d’èisdeadh a‑thaobh an nì ron robh eagal air.