Agus ruith fear dhiubh, agus air dha spong a lìonadh de fhìon-geur, agus a cur air slait chuilce, thug e dha ri òl, ag ràdh, Leigibh leis; faiceamaid an tig Elias ga thoirt a‑nuas.
Agus thug iad dhomh, mar mo bhiadh, domblas; agus ann am ìotadh thug iad dhomh fìon-geur ri òl.
Agus air ball ruith aon dhiubh, agus ghabh e spong, agus lìon e de fhìon-geur i, agus air dha a cur air slait chuilce, thug e dha ra òl.
Agus thug iad dha ri òl fìon air a mheasgadh le mirr: ach cha do ghabh esan e.
Agus air cluinntinn sin do chuid dhiubhsan a bha nan seasamh an làthair thubhairt iad, Feuch, tha e a’ gairm Eliais.
Agus air do Iosa èigheach le guth àrd, thug e suas an deò.
Agus rinn na saighdearan mar an ceudna fanaid air, a’ teachd da ionnsaigh, agus a’ tairgse fìon-geur dha.