Thigeadh a‑nis Crìosd, Rìgh Israeil, a‑nuas on chrann-cheusaidh, a‑chum gum faic agus gun creid sinn. Agus thug iadsan a chaidh a cheusadh maille ris ana-cainnt dha.
Mar seo deir an Tighearna, rìgh Israeil, agus a fhear-saoraidh, Tighearna nan sluagh, Is mi an ciad neach, agus is mi an neach deireannach; agus a‑mach uamsa chan eil dia ann.
Dèan gàirdeachas gu mòr, O nighean Shioin; tog iolach, O nighean Ierusaleim: feuch, tha do rìgh a’ teachd ad ionnsaigh; is Fìrean agus is Slànaighear e; iriosal, agus a’ marcachd air asail, agus air searrach, mac na h‑asail.
Uime sin na ginealaichean uile o Abrahàm gu Daibhidh, is ceithir-ginealaichean-deug iad; agus o Dhaibhidh gu bruid Bhàbiloin, ceithir-ginealaichean-deug; agus o bhruid Bhàbiloin gu Crìosd, ceithir-ginealaichean-deug.
Ghlac iad geugan pailme, agus chaidh iad a‑mach na chòdhail, agus ghlaodh iad, Hosanna, beannaichte gu robh Rìgh Israeil a tha a’ teachd ann an ainm an Tighearna!
Muinntir a‑thaobh na fìrinn a chaidh air seachran, ag ràdh gun deachaidh an aiseirigh cheana seachad; agus a tha a’ tilgeadh creideamh dream àraidh bun-os‑cionn.