Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 15:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug iadsan a bha a’ dol seachad ana-cainnt dha, a’ crathadh an ceann, agus ag ràdh, O thusa a leagas an teampall, agus a thogas e ann an trì làithean,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus tha mi am adhbhar maslaidh dhaibh; nuair a sheall iad orm, chrath iad an cinn.

Oir gheur-lean iad an tì a bhuail thusa, agus labhair iad a‑chum doilgheis dhaibhsan a lot thu.

Oir air do sgàth-sa dh’fhuiling mi masladh; chòmhdaich amhluadh mo ghnùis.

O sibhse uile a tha a’ gabhail an rathaid, amhaircibh agus faicibh a bheil bròn sam bith cosmhail rim bhròn-sa a thugadh orm, on uair anns an do rinn an Tighearna mo smachdachadh ann an là a dhian-fheirge.

Tha a mheud is a tha a’ gabhail seachad a’ bualadh am bas riut: tha iad ri sgeig-fhiacal, agus a’ crathadh an cinn ri nighinn Ierusaleim, ag ràdh, An i seo a’ chathair ri an goirear Foirfeachd maise, Aoibhneas an domhain uile?

Agus thubhairt iad, Thubhairt am fear seo, Is urrainn mise teampall Dhè a leagail, agus a thogail a‑rìs ann an trì làithean.

Chuala sinne e ag ràdh, Leagaidh mi sìos an teampall seo, a rinneadh le làmhan, agus ann an trì làithean togaidh mi teampall eile, nach do rinneadh le làmhan.

An sin choileanadh an sgriobtar a thubhairt, Agus bha e air àireamh am measg nan ciontach.

Fòir ort fhèin, agus thig a‑nuas on chrann-cheusaidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan