Agus cheus iad maille ris dà ghadaiche; fear air a làimh dheis, agus fear air a làimh chlì.
An sin cheusadh maille ris dà ghadaiche; fear air a làimh dheis, agus fear eile air a làimh chlì.
Agus bha sgrìobhadh a chùise-dìtidh air a sgrìobhadh os a chionn, RÌGH NAN IÙDHACH.
An sin choileanadh an sgriobtar a thubhairt, Agus bha e air àireamh am measg nan ciontach.
Thigeadh a‑nis Crìosd, Rìgh Israeil, a‑nuas on chrann-cheusaidh, a‑chum gum faic agus gun creid sinn. Agus thug iadsan a chaidh a cheusadh maille ris ana-cainnt dha.
An sin cheus iad e, agus dithis eile maille ris, fear air gach taobh, agus Iosa anns a’ mheadhon.