Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 15:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha an treas uair ann; agus cheus iad e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

A‑nis, on t‑siathamh uair bha dorchadas air an tìr uile, gus an naoidheamh uair.

Agus nuair a thàinig an siathamh uair, bha dorchadas air an talamh uile, gu ruig an naoidheamh uair.

Agus air an naoidheamh uair, dh’èigh Iosa le guth àrd, ag ràdh, Eloi, Eloi, lama sabachtani? Is e sin, air eadar-theangachadh, Mo Dhia, mo Dhia, carson a thrèig thu mi?

Agus bha e mu thimcheall na siathamh uaire, agus bha dorchadas air an talamh uile gus an naoidheamh uair.

Agus b’e là ullachadh na càisge e, agus mu thimcheall na siathamh uaire: agus thubhairt e ris an h‑Iùdhaich, Feuch ur rìgh!

Oir chan eil iad seo air mhisg, mar a tha sibhse a’ meas, oir is i an treas uair den là a tha ann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan