Shaor Crìosd sinne o mhallachadh an lagha, air dha a bhith air a dhèanamh na mhallachadh air ar son: oir tha e sgrìobhte, Is mallaichte gach aon a chrochar air crann:
Chan fhan a chorp rè na h‑oidhche air a’ chraoibh, ach air gach aon chor adhlaicidh tu e air an là sin fhèin; (oir mallaichte le Dia tha esan a chrochadh;) agus cha salaich thu d’fhearann, a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut mar oighreachd.
Neach a ghiùlain ar peacaidhean e fhèin na chorp fhèin air a’ chrann, a‑chum air dhuinn a bhith marbh don pheacadh, gum bitheamaid beò do fhìreantachd: neach le a bhuillean a tha sibh air ur tèarnadh.