Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 15:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug iad dha ri òl fìon air a mheasgadh le mirr: ach cha do ghabh esan e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus thug iad dhomh, mar mo bhiadh, domblas; agus ann am ìotadh thug iad dhomh fìon-geur ri òl.

Agus rinn na deisciobail mar a dh’òrdaich Iosa dhaibh, agus dheasaich iad a’ chàisg.

Thug iad dha ri òl fìon-geur, measgte le domblas: agus air dha a bhlasad, chan òladh e e.

Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach òl mi nas mò de thoradh na fìonain gus an là sin anns an òl mi nuadh e ann an rìoghachd Dhè.

Oir tha mi ag ràdh ribh, nach òl mi de thoradh na fìonain gus an tig rìoghachd Dhè.

Agus rinn na saighdearan mar an ceudna fanaid air, a’ teachd da ionnsaigh, agus a’ tairgse fìon-geur dha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan