Agus dh’èignich iad duine àraidh a bha a’ dol seachad, Sìmon o Chirène (athair Alecsandair agus Rùfais, a bha a’ teachd as a’ mhachair), a‑chum a chrann-ceusaidh a ghiùlan.
Agus an dèidh dhaibh fanaid a dhèanamh air, thug iad dheth an t‑aodach purpair, agus chuir iad a aodach fhèin uime, agus thug iad a‑mach e a‑chum gun ceusadh iad e.
Agus an tràth a thug iad leo e, rug iad air Sìmon, duine àraidh o Chirène, a bha a’ teachd on dùthaich, agus chuir iad an crann-ceusaidh air, ga ghiùlan an dèidh Iosa.
Agus bha cuid dhiubh o Chìprus, agus o Chirène, dream air dhaibh dol a‑steach do Antioch, a labhair ris na Greugaich, a’ searmonachadh an Tighearna Iosa.
A‑nis bha anns an eaglais a bha aig Antioch, fàidhean, agus luchd-teagaisg àraidh; mar a tha Barnabas, agus Simeon ris an abrar Niger, agus Lucius o Chirène, agus Manaen, co‑alta Heroid an tetrarc, agus Saul.
An sin dh’èirich dream àraidh den t‑sionagog, ris an abrar sionagog nan Libertineach agus nan Cirènianach, agus de mhuinntir Alecsandria, agus na dream o Chilicia, agus on Asia, a’ deasbaireachd ri Stèphen.