Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 15:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bhuail iad anns a’ cheann e le slait chuilce, agus thilg iad smugaid air, agus a’ lùbadh an glùn, rinn iad adhradh dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

32 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chuala seirbhiseach Abrahàim am briathran, chrom e e fhèin gu làr don Tighearna.

Agus thubhairt iadsan, Tha do sheirbhiseach ar n‑athair gu math; tha e fhathast beò. Agus chrom iad iad fhèin sìos, agus rinn iad ùmhlachd.

Gidheadh dh’fhàg mi dhomh fhèin ann an Israel seachd mìle, na glùinean uile nach do lùb iad fhèin do Bhàal, agus gach uile bheul nach tug pòg dha.

A bheil e math gun rannsaicheadh e a‑mach sibh? Mar a nìthear fanaid air duine, an dèan sibh fanaid airsan?

Tha iadsan a tha nan suidhe anns a’ gheata a’ labhairt am aghaidh, agus tha mi am òran acasan a tha ag òl dibhe làidir.

Orm fhèin mhionnaich mi; chaidh fìrinn a‑mach as mo bheul; briathar, agus cha till e air ais; gu cinnteach dhòmhsa lùbaidh gach glùn, mionnaichidh gach teanga.

Mar seo deir an Tighearna, fear-saoraidh Israeil, a Thì naomh; ris-san a tha air a dhìmeas le daoine, ris-san don do ghabh an cinneach gràin; ri seirbhiseach an luchd-riaghlaidh. Chì rìghrean, agus èiridh iad suas; uachdarain, agus nì iad adhradh; airson an Tighearna a tha dìleas, agus tì naomh Israeil a roghnaich thu.

Thug mi mo dhruim don luchd-bualaidh, agus mo ghiallan dhaibhsan a spìon am fìonna; cha d’fhalaich mi mo ghnùis o nàire agus o shile.

Mar a ghabh mòran iongantas riut (is cho mòr a’ mhì-mhaise a rinneadh air a aghaidh, seach aon duine; agus air a dhreach, seach clann dhaoine);

A‑nis cruinnich thu fhèin ann am buidhnean, O nighean bhuidhnean: chuartaich iad le feachd sinn; bhuail iad le slait air a’ ghiall britheamh Israeil.

Agus thilg iad smugaid air, agus ghlac iad an t‑slat chuilce, agus bhuail iad anns a’ cheann e.

Agus nì iad fanaid air, agus sgiùrsaidh iad e, agus tilgidh iad smugaid air, agus cuiridh iad gu bàs e: agus air an treas là èiridh e a‑rìs.

Agus thòisich cuid dhiubh air smugaid a thilgeadh air, agus a aghaidh fhalach, agus a bhualadh lem basan, agus a ràdh ris, Dèan fàidheadaireachd: agus ghabh na seirbhisich air le slatan.

Agus thòisich iad air beannachadh dha, ag ràdh, Fàilte dhut, a Rìgh nan Iùdhach!

Agus an dèidh dhaibh fanaid a dhèanamh air, thug iad dheth an t‑aodach purpair, agus chuir iad a aodach fhèin uime, agus thug iad a‑mach e a‑chum gun ceusadh iad e.

Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, Thig Elias gu deimhinn air tùs, agus aisigidh e na h‑uile nithean, agus mar a tha e sgrìobhte mu Mhac an Duine, gu bheil e gu mòran de nithean fhulang, agus a bhith air a chur an dìmeas.

Agus rinn na daoine a chùm Iosa fanaid air, ga bhualadh.

Ach chuir Herod agus a luchd-cogaidh ann an neo-mheas e, agus rinn iad fanaid air, agus an dèidh a sgeadachadh ann an aodach dealrach chuir e air ais gu Pilat e.

Agus rinn na saighdearan mar an ceudna fanaid air, a’ teachd da ionnsaigh, agus a’ tairgse fìon-geur dha.

Ach ciod a tha freagradh Dhè ag ràdh ris? Dh’fhàg mi dhomh fhèin seachd mìle fear, nach do lùb an glùn do dhealbh Bhàail.

A‑chum do ainm Iosa gun lùbadh gach glùin, de nithean a tha air nèamh, agus de nithean a tha air thalamh, agus de nithean a tha fon talamh;

Air an adhbhar sin, rachamaid a‑mach da ionnsaigh-san an taobh a‑muigh den champ, a’ giùlan a mhaslaidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan