Agus dh’innis e da athair i, agus da bhràithrean: agus thug a athair achmhasan dha, agus thubhairt e ris, Ciod i an aisling seo a chunnaic thu? An e gun tig da‑rìribh mise, agus do mhàthair, agus do bhràithrean, a‑chum sinn fhèin a chromadh sìos dhutsa gu làr?
Thigibh a‑nis matà, agus marbhamaid e, agus tilgeamaid e ann an sloc-eigin; agus their sinn, Chuir droch bhèist-eigin as dha: agus chì sinn ciod gus an tig a aislingean.
Agus air dhaibh crùn droighinn fhighe, chuir iad ma cheann e, agus slat chuilce na làimh dheis: agus lùb iad an glùn na làthair, agus rinn iad fanaid air, ag ràdh, Gum beannaichear thu, a Rìgh nan Iùdhach!