Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 15:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug na saighdearan leo e a‑steach don talla, eadhon cùirt an uachdarain: agus ghairm iad a’ chuideachd uile an ceann a chèile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

An sin chruinnich uachdarain nan sagart, agus na sgrìobhaichean, agus seanairean a’ phobaill, gu talla an àrd-shagairt, den goirear Caiaphas,

Agus chuir iad uime aodach purpair, agus air dhaibh coron droighinn fhighe, chuir iad air e.

An sin thug iad Iosa o Chaiaphas gu àit a’ bhreitheanais: agus b’i a’ mhadainn a bha ann, agus cha deachaidh iad fhèin do àit a’ bhreitheanais, a‑chum nach biodh iad air an salachadh; ach gun itheadh iad a’ chàisg.

An sin chaidh Pilat a‑steach a‑rìs do àit a’ bhreitheanais, agus ghairm e Iosa, agus thubhairt e ris, An tusa Rìgh nan Iùdhach?

Agus dh’fhigh na saighdearan crùn droighinn, agus chuir iad air a cheann e, agus chuir iad fallaing phurpair uime,

Agus chaidh e a‑steach a‑rìs do àit a’ bhreitheanais, agus thubhairt e ri Iosa, Cia as dhut? Ach cha tug Iosa freagradh dha.

Agus bha duine àraidh ann an Cesarèa, dom b’ainm Cornelius, ceannard-ceud den chuideachd ris an abrar a’ chuideachd Eadailteach,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan