Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 15:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thubhairt Pilat riu, Carson, ciod e an t‑olc a rinn e? Ach bu ro‑mhò a ghlaodh iadsan, Ceus e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Is lìonmhoire na falt mo chinn iadsan aig a bheil fuath dhomh gun adhbhar; tha iadsan air fàs làidir lem b’àill mo mhilleadh, a tha nan naimhdean dhomh gu h‑eucorach; an nì sin nach tug mi leam, an sin is èiginn dhomh a aiseag.

Tha e air a dhìmeas, agus air a chur air chùl le daoine; na dhuine dhoilgheasan, agus eòlach air bròn; agus mar neach a dh’fhalaicheas a aghaidh uainn, tha e air a dhìmeas, agus chan eil suim againn dheth.

Agus dh’òrdaicheadh a uaigh maille ris na h‑aingidh, agus maille ri duine saoibhir na bhàs; airson nach do rinn e eucoir, agus nach robh cealg na bheul.

Agus nuair a bha e na shuidhe air cathair a’ bhreitheanais, chuir a bhean teachdaireachd da ionnsaigh, ag ràdh, Na biodh agadsa gnothach sam bith ris an fhìrean sin: oir is mòr a dh’fhuiling mise an‑diugh ann am bruadar air a shon-san.

Ag ràdh, Pheacaich mi ann am brath na fala neochiontaich. Ach thubhairt iadsan, Ciod e sin dhuinne? Amhairc thusa air a sin.

A‑nis, nuair a chunnaic an ceannard-ceud, agus iadsan a bha maille ris a’ coimhead Iosa, a’ chrith-thalmhainn, agus na nithean eile a rinneadh, ghabh iad eagal mòr, ag ràdh, Gu fìrinneach b’e seo Mac Dhè.

Agus ghlaodh iad a‑rìs, Ceus e.

Agus air do Philat a bhith toileach gnìomh taitneach a dhèanamh don t‑sluagh, dh’fhuasgail e Barabas dhaibh, agus thug e thairis Iosa, an dèidh dha a sgiùrsadh, a‑chum a cheusadh.

Ach ghlaodh iadsan, ag ràdh, Ceus e, ceus e.

An sin thubhairt Pilat ris na h‑àrd-shagartan agus ris an t‑sluagh, Chan eil mi a’ faotainn coire air bith anns an duine seo.

Agus sinne da‑rìribh ann an ceartas; oir tha sinn a’ faotainn nan nithean sin a thoill ar gnìomharan: ach cha do rinn an duine seo cron air bith.

A‑nis nuair a chunnaic an ceannard-ceud an nì a rinneadh, thug e glòir do Dhia, ag ràdh, Gu fìrinneach b’ionracan an duine seo.

Thubhairt Pilat ris, Ciod i an fhìrinn? Agus air dha seo a ràdh, chaidh e a‑mach a‑rìs a‑chum nan Iùdhach, agus thubhairt e riu, Chan eil mise a’ faotainn coire air bith ann.

Uime sin, nuair a chunnaic na h‑àrd-shagartan agus na maoir e, ghlaodh iad, ag ràdh, Ceus e, ceus e. Thubhairt Pilat riu, Gabhaibh-se e, agus ceusaibh e: oir chan eil mise a’ faotainn coire sam bith ann.

Agus ged nach d’fhuair iad coire bàis air bith ann, dh’iarr iad air Pilat gun cuirte esan gu bàs.

Ach nuair a thuig iad gum b’Iùdhach e, rinneadh àrd-iolach leo uile mu thimcheall ùine dà uair, a’ glaodhaich, Is mòr Diàna nan Ephèsianach.

Oir bha a shamhail sin de Àrd-shagart iomchaidh dhuinne, a bha naomh, neo-lochdach, neo-thruaillidh, air a dhealachadh o pheacaich, agus a rinneadh nas àirde na na nèamhan;

Ach le fuil luachmhoir Chrìosd, mar fhuil Uain gun chron, gun smal:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan